Monday, 2 July 2012

A' Reic Olaidh

油を売る: Abura wo uru: A' reic olaidh

San Iapanais tha "A' reic olaidh" a' ciallachadh "A' bith leisg agus a' dèanamh goileaim". Uair, san 19mh linn agus na bu tràithe, bha ceannaichean-siubhail olaidh a' reic olaidh le ladar a' mheud. Nuair a thigeadh munathan dhaibh gus ola a cheanach, bha iad a' gabhail air gan socail gus ola a leigeil a-steach do chnogan. Agus b' àbhaist dhaibh a bhith a' dèanamh goileaim.

Nam biodh raon-ola agaibh, bhiodh "A' dèanamh gnothaich na olaidh" nas fhèarr dhuibh na "A' reic olaidh."

Ceannaiche-siubhail olaidh

Ceannaiche-siubhail olaidh

Saturday, 16 June 2012

Bruidhinn gun Mi no Thu

Air còmhradh bruidhnidh sinn gun mi no thu gu tric.

Eisimpleir

A: Dokohe Ittandesuka?: Càit an deach thu?
B: Super Market ni ikimashita: Chaidh mi dhan bhùth mhòr.
A: Naniwo Kattandesuka?: an do chanaich thu?
B: Sakana wo kaimashita.: Cheanaich mi iasg.

San Iapanais, chan eil cùisear deatamach. Ach bhiodh e doirbh an còmhradh a thuigsinn nam biomaid a' sìor bhruidhinn gun "mi" no "thu". Cleachdaidh sinn uaireannan iad.

Monday, 11 June 2012

Iapan

Canidh sinn Nihon no Nippon ri Iapan san Iapanais. Tha sinn air a bhith a' cleachdadh fada còrr is mìle bliadhna agus tha iad uile tràidiseanta. Ach thàinig miseanaraidhean às a' Phortagail agus rinn iad faclair Iapanais-Portagalach san 17mh linn. Tha am faclair ag ràdh gun robh Iapanaich a' cantainn Nippon, Nifon no Jippon ri nan dùthaich agus thathar a' smaointeachadh gu bheil am facal, "Jippon" na thùs nan faclan a thathar a' cleachdadh airson Iapan san An Roinn Eòrpa.

Tha mi a' cleachdadh Iapan agus Iapanais air an bloga seo ach tha faclan eile ann mar An t-Seapan agus Seapanach.

Nippo Jisho: http://en.wikipedia.org/wiki/Nippo_Jisho
Nihon: http://gd.wikipedia.org/wiki/An_t-Seapan

Iapanaise sa Ghàidhlig

Tha mi air a bhith a' sgriobhadh rudan mu dheidhinn Iapan ann an mo bhloga, Gàidhlig ann an Iapan fada còrr is seachd mìosan. Chan eil dùil agam stad a chur air am bloga a sgriobhadh ach chuir mi romham rud ùr a thòiseachadh,

Sgriobhidh mi mu dheidhinn Iapanaise, cànan na Iapan. Ach chan eil dùil agam Iapanaise a h-ionnsachadh dhuibh an seo. Tha mòran àitean ann far am bi sibh ga h-ionnsachadh agus tha mòran leabhraichean matha ann.

Mar sin, bu toigh leam a bhith a' sgriobhadh rudan mu dheidhinn Iapanaise, dè an cànan a tha i, dè an diofar a tha eadar Iapanaise agus Gàidhlig agus rudan ann a biodh uìdh agaibh.

Tha mi an dòchas gum bi am bloga seo a' còrdadh ruibh.